Bòrd na Gàidhlig a' sireadh suas ri triùir bhall ùra
Tha Rùnaire Albannach an Fhoghlaim, a' Chultair is na Gàidhlig a' toirt cuireadh do dhaoine cur a-steach airson dreuchd air Bòrd-Stiùiridh Bhòrd na Gàidhlig.
Thuirt Màiri Nic Ailein gu bheil iad a' sireadh suas ri triùir bhall ùra airson bòrd buidheann leasachaidh na Gàidhlig.
Feumaidh tagraichean a bhith misneachail agus comasach air a bhith a' còmhradh agus a' deasbad sa chànan oir tha coinneamhan a' bhùird gan gumail sa Gàidhlig.
Thathar cuideachd ag iarraidh daoine le eòlas ann an ionmhas, sgrùdadh-cunntais agus riaghladh, cho math ri tuigse a bhith aca air feumalachdan choimhearsnachdan Gàidhlig.
Mairidh na dreuchdan suas ri ceithir bliadhna, agus thathar an dùil gun tòisich na buill ùra sa Mhàrt 2027.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, dhearbh Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig gur e dreuchdan ùra a tha seo.
"Tha dìreach sianar air a' bhòrd an-dràsta agus sin faisg air an àireimh as lugha a dh'fheumas a bhith air fo Achd na Gàidhlig 2005," thuirt an t-Oll Rob Dunbar.
"A bharrachd air sin, tha feum againn gu h-àraid air ball eile aig a bheil mion-eòlas air cùisean ionmhais, is tha sinn cuideachd ag iarraidh cuideigin eile aig a bheil fios is eòlas air leasachadh cànain agus a bhith ag obair aig ìre na coimhearsnachd is le buidhnean leasachaidh cànain.
"Sin am prìomh amas an-dràsta; buill ùra gus an àireamh àrdachadh agus cuid de na sgilean aig a' bhòrd a neartachadh cuideachd."
Chan fheum na tagraichean a shoirbhicheas eòlas a bhith aca air a bhith ag obair air bòrd-stiùiridh agus gheibh iad oideachadh agus taic leantainneach san dreuchd.
Ma tha ùidh aig daoine, gheibh iad barrachd a-mach mun obair air seisean-fiosrachaidh air-loidhne.
Bidh sin air a a chumail air a' 1d den Dùbhlachd aig 6.00f agus 's e an t-Oll Dunbar a bhios ga lìbhrigeadh.
Ma tha sibh airson a dhol ann, faodar fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig ↗.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mu na dreuchdan agus mar a thèid tagraidhean a chur a-steach air làrach-lìn Public Appointments Scotland ↗.