Rathad ùr Phort Rìgh air fosgladh gu h-oifigeil
Tha rathad ùr a chaidh a thogail leis an amas trafaig a thoirt a-mach à meadhan Phort Rìgh air fosgladh gu h-oifigeil.
Tha an rathad ùr, gu tuath air a' bhaile, a' ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagain, an A87, is Rathad Stafainn, an A855.
Chaidh a' mhòr-chuid den cheangal a stèidheachadh roimhe mar phàirt de leasachaidhean taigheadais is tha e air a bhith na amas aig Comhairle na Gàidhealtachd 'son grunn bhliadhnaichean an rathad a chrìochnachadh is an ceangal a dhèanamh eadar an A87 is A855.
Dh'aontaich comhairlichean ann an 2021 am pìos mu dheireadh a dhèanamh le dùil aig an àm gum biodh e deiseil ro dheireadh 2022 ach chaidh dàil air cùisean.
Tha dùil leis an rathad a-nise deiseil gun tèid trafaig ann am meadhan Phort Rìgh a lùghdachadh.
Bidh an rathad cuideachd na mheadhan air talamh fhosgladh suas 'son leasachaidhean taigheadais eile, cho math ri goireasan mar 'bhaile cùraim' is bùthan.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd den bheachd gun cosg pròiseact an rathaid mu £2.5m air a' cheann thall.
Tha dùil aca cuibhreann den airgead sin fhaighinn air ais bho luchd-leasachaidh mar a tha pròiseactan togail an cois an rathaid a' dol air adhart anns na bliadhnaichean ri thighinn.
Ged a dh'fhosgail an rathad ùr bho chionn seachdain, 's ann Dihaoine a bha am fosgladh oifigeil ann.