Sport

Spiorad na Nollaige an Loch Obha

Taobh a-staigh na h-eaglaise is fasaingeachd de chraobhan nollaige uile air an sgeadachadh

Tha blas na Nollaige air Loch Obha a ruighinn is Fèis Mhòr nan Craobhan Nollaige ann thairis air an deireadh-sheachdain.

Thòisich an fhèis ann an Eaglais an Naoimh Conan ann an Loch Obha ann an 2015 le 30 craobh nollaige air an sgeadachadh.

Tha i air fàs gu mòr bhon uairsin is 83 craobh de gach seòrsa ann am-bliadhna is iad air an cur air dòigh le diofar bhuidhnean à Meadhan agus Ceann a Tuath Earra-Ghàidheal.

"Chan urrainn dhuinn creidsinn gu bheil còrr is 80 craobh againn is tha iad air tighinn bho air feadh na coimhearsnachd," thuirt co-òrdanaiche an tachartais, Liz NicAoidh.

"Tha buidhnean às gach roinn againn - farsaingeachd gu math sònraichte".

Tha an fhèis a' tòiseachadh Dihaoine an 27mh den t-Samhain agus a' ruith thairis air trì là.

A thuilleadh air na craobhan, bidh ceòl ann cuideachd bho luchd-ciùil ionadail.