Fear sa chùirt fo chasaid oidhirp air murt san Aghaidh Mhòir
Tha fireannach air nochdadh ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis agus e fo chasaid gun do rinn e oidhirp air murt.
Tha seo a' tighinn às dèidh tachartas san Aghaidh Mhòir air an deireadh-sheachdain.
Cha do rinn Jason MacDhòmhnaill, a tha 41 agus aig nach eil àite-còmhnaidh seasmhach, tagradh sam bith is chaidh a chumail an grèim.
Chaidh na poilis a ghairm gu togalach ann an Rathad Cairnview goirid an dèidh 01:00m Là na Sàbaid.
Thuirt oifigich gun deach boireannach, 44, agus fireannach, 47, a dhroch ghoirteachadh sa chùis.
Chaidh an dithis a thoirt chun an ospadail airson cùraim.
Tha dùil gun nochd Mgr MacDhòmhnaill sa chùirt a-rithist sna h-ochd làithean a tha romhainn.