Alba

Bliadhna nan ÒranYear of Song

British Broadcasting CorporationDachaigh

Ceanglaichean taic

  • Air adhart
  • Air adhart gu clàr na làraich
  • Air adhart gu stiùir bbc.co.uk
  • Air adhart gu inneal lorg bbc.co.uk
  • Taic mu Ruigsinneachd
  • Dachaigh / Home
  • Òrain / Songs
  • Cunntais-beatha / Biographies
  • Prògraman / Programmes

A Nìghneag a Ghràidh

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan agus air a sheinn le: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Calum Ceanadach, Calum MacArtair, Calum Ros agus Iain Murchadh Moireasdan.

This is a song written by: Murchadh Moireasdan and sung by: An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais, Calum Ceanadach, Calum MacArtair, Calum Ros and Iain Murchadh Moireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A nìghneag a ghràidh, 's tu dh'fhàg an dochair nam cheann Air feasgar Diciadain nam shuidhe 's mi riasladh ri rann; Gum b' fheàrr a bhith sìnte gu socair 's gu sìobhalt' sa ghleann A' cadal le chèile fo dhuilleach nan geugan ud thall.

'S ann dhut-sa, mo leannan, thug mise mo chridhe 's mo chiall, Mo dhùsgadh, mo chadal, mo reult, mo ghealach 's mo ghrian; 'S tu m' oidhche, mo mhadainn, mo bhùrn, is m' anail 's mo bhiadh, 'N àm èirigh is laighe 's tu fhèin an aingeal gam dhìon.

Nan robh mise 's mo leannan air slèibhtean farsaing an fhraoich, Gun uallach mu èirigh ach laighe gu sèimh ann an gaol, Toinnte le chèil' ann an sonas gun leireadh ri taobh, 'S an oidhche le cleòca gu buileach a' còmhdach an raoin.

Ann an achlais mo leannain gun caidlinn fada gun strì, Fo dhubhar nam beannan far 'm b' òg a b' amaideach mi, Gun sòlas air thalamh lem dheòin a dh'aithnicheadh mi Ach gaol na h-òg chailin a bheothaich an t-sradag am chridh'.

Gun uallach air feasgar bu mhiann leam bhith leisg ri do thaobh, Casruisgt sa mhòintich a' sireadh nan neòinean san fhraoch, No 'g èisteachd nan sruthan a' sileadh gu socair 's gu caoin Sìos chun na mara ag innse sanais ar gaoil.

An saoghal ged 's farsaing gum b' fheàrr a bhith tathaich sa ghleann, Ri taobh na h-òg chailin air thalamh is maisiche leam; Bidh rìomhachd, a h-àilleachd 's a grinneas gu bràth na mo cheann, 'S ann an lùchairt mo chridhe bidh àite, mo nighean, dhut ann.

Thig fois air an talamh, thig tosd air anail a' chuain, Air tonnan a' chladaich thig tàmh is cadal car uair; Eòin bheaga na doire nì fasgadh sona fon bhruaich, Ach mo ghaol-sa dom leannan rim bheò chan aithnich e suain.

Seinneadairean / Performers

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...

Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Mìcheal MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu, ach 's ann am Bragar air taobh Siar Leòdhas a thogadh ...

Rugadh Iain Murchadh Moireasdan, John Murdo Dhànaidh Mhurchaidh a' Chlachair air an Tairbeart, anns na Hearadh, ann an ...

Rugadh Calum Ros aig Kildonan Drive ann am Partaig ann an Glaschu air 21 Faoilleach 1934. B' e Calum Dhòmhnaill na Banrigh, à Flòdaigearraidh san ...

Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...

Air a sheinn le / Song sung by Calum Ceanadach

Tha cluicheadair Adobe Flash agus Javascript a dhìth airson a' bhidio a th' air an duilleag seo a chluich. Thoir a-nuas an cluicheadair Adobe Flash.

Air a sheinn le / Song sung by An t-Urr. Dòmhnall Mìcheal MacAonghais

Air a sheinn le / Song sung by Iain Murchadh Moireasdan

The Adobe Flash player and Javascript are required in order to listen to some audio which appears on this page. You may wish to download the Adobe Flash player.

Air a sheinn le / Song sung by Calum Ros

Air a sheinn le / Song sung by Calum MacArtair

Rugadh Murchadh Moireasdan ann an Cùl na h-Àirde as na Hearadh ann an 1913, an treas leanabh ann an teaghlach anns an robh aon duine deug. B' ...

  • Celtic Lyrics Corner
  • Gaelic Resource Database
  • Tobar an Dualchais

BBC iD

  • Seataidhean
  • Log a-mach

Rannsaich:

Stiùireadh a’ BhBC

  • Naidheachdan
  • Spòrs
  • Aimsir
  • iPlayer
  • Tbh
  • Rèidio
  • Tuilleadh
  • CBBC
  • CBeebies
  • Comedy
  • Food
  • History
  • Learning
  • Music
  • Science
  • Earth
  • Local
  • Northern Ireland
  • Scotland
  • Wales
  • Full A-Z of BBC sites

Ceangalaichean BBC

  • Làrach Mobile Cùmhnantan-cleachdaidh Mun BhBC
  • Làrach Mobile
  • Cùmhnantan-cleachdaidh
  • Mun BhBC
  • Prìobhaideachd Taic mu Ruigsinneachd
  • Prìobhaideachd
  • Taic mu Ruigsinneachd
  • Criomagan Fios chun BhBC
  • Criomagan
  • Fios chun BhBC
  • Stiùireadh do phàrantan
  • Stiùireadh do phàrantan
  • Làrach Mobile
  • Cùmhnantan-cleachdaidh
  • Mun BhBC
  • Prìobhaideachd
  • Taic mu Ruigsinneachd
  • Criomagan
  • Fios chun BhBC
  • Stiùireadh do phàrantan

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.